1587957648
Oideas

Advertise on podcast: Oideas

This podcast has
26 episodes
Language
English
Explicit
No
Date created
2021/09/28
Latest episode
2025/10/29
Average duration
35 min.
Release period
79 days

Description

Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 4 beò. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr. Welcome to Oideas! Series 4 is live! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.

Unlock Oideas podcast Email contact info,
Listeners & Audience details

Email contact information

Direct podcast contact details

Listeners

Audience numbers & engagement insights

Audience details

Podcast Insights

Podcast episodes

Check latest episodes from Oideas podcast


Oideas, 4.5 Shona NicCarmaig
2025/10/29
Sa phrògram seo tha Shona NicCarmaig ag innse do Gwen mu a slighe ann foghlam: an togail a fhuair i san Eilean Sgitheanach, mun ùidh aice ann ceòl, agus mu cho cudromach sa tha e dhì gun do rinn i diofar a’ choireigin do bheatha sgoilearan. Tha i cuideachd a’ bruidhinn mun ùine aice aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a bhith ag atharrachadh obraichean, agus a bhith aig stiùir a’ chùrsa teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha cuid dheth na tha nochdadh sa chòmhradh sin ri leughadh an seo: Ionad Sàr-Mhathais ann an Teagasg https://www.smo.uhi.ac.uk/ionad-airson-sar-mhathais-ann-an-teagasg/?lang=en https://www.tes.com/magazine/news/general/centre-for-teaching-excellence-will-be-shaped-teachers https://www.gla.ac.uk/research/az/teaching-excellence/gaelichome/aboutcftegaelic/ 3mh Àite sa Rìoghachd Aonaichte https://www.smo.uhi.ac.uk/ceum-teagaisg-an-t-sabhail-san-treas-aite-san-rioghachd-aonaichte/?lang=en Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh a mhaoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
Oideas, 4.4 Christine NicLeoid
2025/10/14
Sa phrògram seo, tha Gwen a’ còmhradh ri Christine NicLeoid mun obair mhòr a rinn ann am foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Bha Christine an sàs aig ìre na bun-sgoile agus ann a bhith ag oideachadh phàistean ron a’ sgoil. Chunnaic i fàs mòr ann àireamhan agus iomadh atharrachadh. Ach, mar a tha i ag innse do Gwen, bha sgeulachdan agus dualchas nan Gàidheal aig cridhe a teagasg tron ùine sin. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod Pròiseact aig Christine, Sgeulachdan bhon Taobh Siar: https://www.feisean.org/en/beairteas-b/
Oideas, 4.3 Aonghas Iain Dòmhnallach
2025/10/01
An turas seo tha Gwen a’ còmhradh ri Aonghas Iain Dòmhnallach mu na làithean sgoile aige, an t-àm aige a' teagasg, agus an obair mhòr a rinn e aig Stòrlann. 'S ann a Uibhist a Tuath a tha Aonghas Iain ach chur e seachad a mhòr chuid de bheatha obrach a’ teagasg aig Àrd-sgoil Phort Rìgh. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
Oideas, 4.2 Catriona Nic a’ Phì
2025/09/17
Fàilte gu Oideas Sreath 4, prògram 2. ‘S a phrògram seo tha Catriona Nic a’ Phì, tidsear Gàidhlig agus cruinn-eòlas ann an Inbhir Nis. B i Catriona tè dhe na thidsearan àrd-sgoil aig Gwen. Ann an còmhradh blàth, tha iad a’ coimhead air ais ar na laithean sin, a’ còmhradh mun t-slighe aig Catriona le Gàidhlig agus teagasg, agus a’ bruidhinn mu na dòighean as fheàrr cuspair a chumail ri clas nuair nach eil a’ chainnt aca gu nàdarra. Chaidh seo a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh a mhaoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod Comann Luchd-teagaisg na h-àrd-sgoil https://clasalba.org/
Oideas, 4.1 Donalda McComb
2025/09/03
Failte air ais gu Oideas. Seo a’ chiad phrògram le Donalda McComb, seann cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha i fhèin agus Gwen a’ còmhradh mu a slighe ann am foghlam, an t-àm aice mar cheannard agus na dùbhlain a tha nochdadh nuair nach eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de phàrantan. Abair diofar a tha i air a dhèanamh agus abair còmhradh inntinneach. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
Oideas, Sreath 4 – Blasad!
2025/08/28
Fàilte air ais gu Oideas. Tha sreath 4 cha mhòr oirnn. An turas seo, tha sinn air a bhith bruidhinn ri seòid - daoine a tha air a bhith sàs le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bhon fhìor thoiseach. Bidh a’ chiad phrògram a-mach Diciadain 3 Sultain le Donalda McComb. Agus an turas seo, tha na programan air fad ri fhaotainn air YouTube. Sgrùd airson Oideas agus lean sinn an sin.
Oideas 3.6 Wilma NicUalraig
2024/06/05
An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig. Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn an seo: https://acairbooks.com/product/books/gun-sireadh-gun-iarraidh-the-tolmie-collection-paperback/ Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media/ Seo am prògram mu dheireadh de Shreath 3. Taing mhòr ‘son a bhith ag èisteachd, leigibh fhaicinn ur beachdan!
Oideas 3.5 Lesley Hayes
2024/05/22
Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan. Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig. Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill
2024/05/08
Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa. Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsear a bhith nan tosgairean fad an t-siubhail. Abair prògram! Tha an leabhar bàrdachd aig Lisa ri fhaighinn an seo: https://nwhgeopark.com/product/mnathan-na-coigach-the-women-of-coigach/ Seo Eilidh, a tha i bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram: https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poem/eilidh/ Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan
2024/04/24
A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraichte is sgapte sa tha sgìre sgoile an Òbain. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media www.telt.media https://www.kinlochlevencampus.co.uk https://www.obanhigh.argyll-bute.sch.uk https://www.smo.uhi.ac.uk/cursaichean-canain/
Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn
2024/04/09
Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil.  Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media   Tuilleadh fiosrachadh mu dyslexia: https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/
Oideas 3.1 – Luchd-teagaisg Foghlam Thidsearan
2024/03/28
Fàilte air ais gu Oideas airson sreath 3. Sa phrògram seo, tha mi fhèin, Gwen NicGuaire timcheall bùird le mo cho-obraichean ann am Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh mise agus Shona NicCarmaig, Katie Wight agus Lynsey NicFhionnlaigh a’ freagairt na ceistean agaibhse - dè an t-amas a tha aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? Carson a tha sinn teagasg nan tidsearan? No, dè thug tlachd dhuinn sa chlas? Tha an eapasòd seo cuideachd ri fhaotainn air bhideo air Spotify agus aig YouTube. https://youtube.com/@OideasPod?feature=shared Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn cùrsaichean teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig thèid: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Tha fhathast tìde gu leòr agaibh àite fhaighinn air na cùrsaichean againn 'son 2024/25!
Oideas – Sreath 3, Blasad!
2024/03/26
Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse. Sin Oideas Sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod. Nota - tha sinn trang ag obair air prògram bhideo son Diardaoin an 28mh Mhàirt 2024, ach, chan eil bhideo air nochdadh air Spotify neo Google gu ruige seo. Seo fear fuaim a-mhàin mar dheuchainn is sinn a' strì an toirt thugaibh air gach inneal. Leig sibh fios thugainn air [email protected] ma mhothaicheas sibh gum faic agus gun cluinn sibh e. has context menu
Oideas, Sreath 3 – Blasad!
2024/03/25
Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse. Sin Oideas sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.
Prògram 10: Yvonne Girvan
2022/10/27
Ciamar a tha e a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig gu sònraichte son dreuchd teagaisg sa chànan? Sin a rinn Yvonne Girvan. Sa phrògram seo, tha i fhèin is Gwen a' bruidhinn mun leasachadh proifeiseanta a tha i air a dhèanamh gus, am measg eile, fileantas a ruighinn. Tha iad cuideachd a' bruidhinn mu na h-iomairtean a rinn i gus cothroman cànain a' tabhainn dha na sgoilearan tron ghlasadh, mar a tha i a' neartachadh sgiobachd le a co-obraichean, agus na h-innleachdan a bhios i a' cleachdadh gus sgilean sgrìobhaidh a leasachadh sa chlas. What is it like to learn Gaelic to enable you to teach in the language? That’s what Yvonne Girvan has done! In this programme, Yvonne and Gwen talk about professional learning and development and what she has undertaken including reaching Gaelic fluency. They also discuss a variety of initiatives she has been involved with to create language learning opportunities during lockdown and many others! Talk4Writing le Pie Corbett https://www.talk4writing.com/ Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Telt Media https://telt.media/

Podcast reviews

Read Oideas podcast reviews


0 out of 5
0 reviews

Podcast sponsorship advertising

Start advertising on Oideas relevant audience podcasts


What do you want to promote?